Bha mi ag innse dhuibh cho bitheanta ʼs a tha an t-ainm-àite Tarbat – An Tairbeart – ann am Port mo Cholmaig ann an Taobh Sear Rois. Ach bha mi ag ràdh nach eil sgeul air an tairbeart fhèin – isthmus no portage place – no fear a tha follaiseach, co-dhiù.
Tha taigh-tasgaidh ann am Port mo Cholmaig a chaidh a dhèanamh ann an seann eaglais a b’ fheudar càradh. ʼS e Tarbat Discovery Centre a th’ air an àite mar ainm. Thathar a’ taisbeanadh airceòlas agus eachdraidh na làraich agus na sgìre. Bha manachainn ann agus chaidh clachan a lorg a bh’ air an snaidheadh ann an dòigh nan Cruithneach. ʼS e làrach eachdraidheil a th’ ann. Mura robh sibh riamh ann, mholainn an t-àite dhuibh.
Cheannaich mi leabhar ann. ʼS e an t-ainm a th’ air ‘Portmahomack: Monastery of the Picts’. Chaidh a sgrìobhadh leis an àrc-eòlaiche Martin Carver. Tha an t-ùghdar ag innse dhuinn – na bheachdsan co-dhiù – far an robh an tairbeart.
Bha e a’ ceangal Caolas Dhòrnaich anns a’ cheann a tuath ri Caolas Chrombaigh anns a’ cheann a deas. Chan eil an dà chaolas sin cho fada bho chèile. Ge-tà, airson seòladh eatarra, bhiodh aig maraichean ri dhol seachad air Rubha Thairbeirt gu cuan fosgailte. Ann an droch shìde, bhiodh seachdainean ann nuair nach biodh comas aig bàtaichean beaga dhol eadar an dà chaolas.
Ach bhitheadh cothrom aca air an tairbeart. Airson tuigsinn mar a bha sin ag obair, feumaidh fios a bhith againn gu bheil loch mòr ann air an t-slighe. ʼS e sin Loch Eye no ann an Gàidhlig Loch na h-Uidhe. Tha cuid dhen bheachd gu bheil sin a’ ciallachadh ‘the loch of the isthmus’. Agus tha sin cuideachail dhuinn!
Ach math dh’fhaodte gu bheil e a’ ciallachadh ‘the loch connected to the slow stream’. Tha seann mhapaichean – leithid aig Timothy Pont anns an t-siathamh linn deug agus Clement Lempriere anns an ochdamh linn deug – a’ sealltainn sruth coltach ri canàl a’ ruith eadar ceann a deas Loch na h-Uidhe agus Linne Chrombaigh. Agus tha mapaichean na Suirbhidh Òrdanais ag ainmeachadh na th’ air fhàgail dheth mar ‘The Canal’.
A bharrachd air sin, tha mapa, a chaidh a dhèanamh ann am meadhan an ochdamh linn deug, a’ sealltainn dà loch bheag eadar Loch na h-Uidhe agus Caolas Dhòrnaich le sruth agus boglaichean eatarra. Math dh’fhaodte gur e an loch as motha de na dhà – Loch Slinn, a tha Uilleam MacBhàtair ag ainmeachadh anns an leabhar aige Place-Names of Ross and Cromarty. Air cladach Caolas Dhòrnaich, tha baile beag ris an canar Inver. Ann an Gàidhlig, ʼs e sin Inbhir Loch Slinn, ag innse dhuinn gun robh uisge a’ sruthadh bhon loch gu Caolas Dhòrnaich aig a’ bhaile sin.
Tha e doirbh a bhith cinnteach. Chan eil na mapaichean uile a’ dol a rèir a chèile. Ach math dh'fhaodte gun robh slighe-uisge ann bho Inbhir Loch Slinn gu Loch Slinn, an uair sin Loch na h-Uidhe, an uair sin tro chanàl seachad air Manachainn Rois a Chaolas Chrombaidh. Slighe shàbhailte ann an droch shìde.
Tha Loch na h-Uidhe fhathast ann, ach bha na lochan eile agus na boglaichean timcheall orra air an drèanadh o chionn fhada. Chan eil an tairbeart a bh’ ann uaireigin follaiseach an-diugh, mas e ʼs gun robh e ann idir.