Tha an t-ainm-àite Tarbat – An Tairbeart – bitheanta ann am Port mo Cholmaig ann an Taobh Sear Rois. Ach càit a bheil an tairbeart fhèin – an isthmus no portage place? No math dh’fhaodte boat-transference place. Chan eil e follaiseach.
Thadhail mi air an taigh-tasgaidh ann am Port mo Cholmaig – an Tarbat Discovery Centre. Thathar a’ taisbeanadh airceòlas agus eachdraidh an àite. Cheannaich mi leabhar ann. ʼS e an t-ainm air an leabhar ‘Portmahomack: Monastery of the Picts’. Chaidh a sgrìobhadh leis an àrc-eòlaiche Martin Carver. Tha an t-ùghdar ag innse dhuinn far an robh an tairbeart – na bheachd-san, co-dhiù.
Bha e a’ ceangal Caolas Dhòrnaich anns a’ cheann a tuath ri Caolas Chrombaigh anns a’ cheann a deas. Chan eil an dà chaolas sin fada bho chèile. Ge-tà, airson seòladh eatarra, bhiodh aig maraichean ri dhol seachad air Rubha Thairbeirt gu cuan fosgailte. Ann an droch shìde, bhiodh sin cunnartach.
ʼS e sin as coireach gun robh an tairbeart ann. Bha loch mòr air an t-slighe eadar an dà chaolas. ʼS e sin Loch Eye no, ann an Gàidhlig, Loch na h-Uidhe. Tha e a’ ciallachadh ‘the loch of the isthmus’ no ‘the loch connected to the slow stream’. Tha seann mhapaichean a’ sealltainn canàl eadar ceann a deas Loch na h-Uidhe agus Linne Chrombaigh. Agus tha mapaichean na Suirbhidh Òrdanais ag ainmeachadh na tha air fhàgail dheth an-diugh mar ‘The Canal’.
Eadar Loch na h-Uidhe agus Caolas Dhòrnaich bha Loch Slinn. Chan eil e ann an-diugh. Ach tha baile beag air cladach Caolas Dhòrnaich air a bheil Inver ann am Beurla. Ann an Gàidhlig, ʼs e Inbhir Loch Slinn a tha air. Tha sin ag innse dhuinn gun robh uisge a’ sruthadh bhon loch gu Caolas Dhòrnaich aig a’ bhaile sin.
Chan eil na mapaichean uile a rèir a chèile. Ach tha e a’ coimhead coltach gun robh slighe ann airson bhàtaichean beaga bho Inbhir Loch Slinn gu Loch Slinn, an uair sin Loch na h-Uidhe, agus an uair sin tron chanàl a Chaolas Chrombaidh aig an Eig. Slighe shàbhailte ann an droch shìde. Am b’ e sin an ‘tairbeart’? Bheir sinn sùil air beachd eile an-ath-sheachdain.