Anns an Litir mu dheireadh, dh’inns mi sgeulachd thraidiseanta à Gall-Ghàidhealaibh. Tha tè eile agam dhuibh an t-seachdain seo, agus tha i gu math inntinneach oir tha i mu dheidhinn leann-fraoich. A bheil sibh a’ tuigsinn sin? Leann-fraoich. Heather ale.
Bha fios aig na Cruithnich air mar a dhèanadh tu leann dhen t-seòrsa sin, a rèir beul-aithris co-dhiù. Ach chùm iad an reasabaidh dìomhair. Agus thug iad leotha i don t-sìorraidheachd. Thachair sin aig Maol Ghall-Ghàidheil, The Mull of Galloway.
Tha an sgeulachd gu math aithnichte oir sgrìobh an t-ùghdar ainmeil, Raibeart Louis Stevenson, dàn mu dheidhinn, air a bheil Heather Ale: A Galloway Legend.
Tha an sgeul a’ dol air ais don cheathramh linn an dèidh Chrìosd. Bha Niall Naoi-ghiallach na àrd-rìgh ann an Èirinn. Thathar ag ràdh gun robh an suidheachadh poilitigeach aige cho fàbharach ’s gun robh e sàbhailte dha falbh a-null thairis. Thug e armailt leis a Bhreatainn, far an tug e ionnsaigh air na Ròmanaich. Agus a rèir an sgeòil seo, thug e ionnsaigh air na Cruithnich a bha fhathast a’ riaghladh ann an ceann an iar-dheas na h-Alba – dùthaich ris an canar Gall-Ghàidhealaibh an-diugh.
Bha na Gàidheil Èireannach na bu chumhachdaiche na na Cruithnich. Dh’iomain iad na Cruithnich a-mach à Gall-Ghàidhealaibh. Mharbh iad gu leòr dhiubh. Cha robh air fhàgail ach aon treubh anns na Rannaibh – an rubha mòr dà-cheannach air taobh an iar Ghall-Ghàidhealaibh. Tha an ceann as fhaide deas de na Rannaibh a’ crìochnachadh aig Maol Gall-Ghàidheil, an t-àite as fhaide deas ann an Alba.
Nise, bha fear-brathaidh aig Niall Naoi-ghiallach air an robh An Sionnach mar ainm – no frìth-ainm. Bha e na Chruithneach agus bha e gu math fiosrachail mu dhòighean nan daoine sin. Bha e feumail do Niall, ach bha an t-Àrd-rìgh dhen bheachd gun robh an duine cealgach. Cha chuireadh e cus earbsa ann.
Bha Niall air a chur roimhe na Cruithnich gu lèir a bh’ air fhàgail ann an Gall-Ghàidhealaibh a chur gu bàs. Ach thàinig an Sionnach thuige. Thuirt e ris an rìgh gun robh an fhine sin air a bhith a’ dèanamh leann-fraoich bho linn chogadh nan con. Agus gur iad na h-aon daoine aig an robh an reasabaidh. Bha iad a’ cumail sin dìomhair. ‘Nach biodh sibh fhèin ag iarraidh an reasabaidh dhìomhair fhaighinn bhuapa?’ dh’fhaighnich an Sionnach dhen rìgh.
Mheòraich Niall air an t-suidheachadh. Gu dearbh, bhiodh e math dìomhaireachd mar sin a bhith aige. Chuir e teachdaire a bhruidhinn ris na Cruithnich. Dh’inns an teachdaire do na Cruithnich gun robh Niall Naoi-ghiallach, Àrd-rìgh na h-Èireann, deònach leigeil leotha maireachdainn beò nan innseadh iad dha mar a dhèanadh iad leann-fraoich.
Bha na Cruithnich gu math uasal. Bha iad air an reasabaidh a chumail dìomhair fad nan ceudan. Cha robh iad a’ dol ga toirt seachad do dhuine sam bith.
Ghabh Niall an caothach. Dh’òrdaich e gum biodh a h-uile duine de na Cruithnich air an cur gu bàs. Chì sinn dè thachair nuair a bheir mi an sgeul gu crìch an-ath-sheachdain.