Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Niall Iain Dòmhnallach. News, chat, sport, music and entertainment with Niall Iain MacDonald.
Tha muinntir na h-Eilbheis air a bhith trang ag ullachadh airson Farpais Eurovision 2025 a lìbhrigeadh. Thèid na h-iar cuairtean deireannach air adhart an t-seachdsain sa anns an stèideam mòr St. Jakobshalle ann am Basel. Bidh coig còmhlain deug a’ farpais airson deich aiteachan a-nochd agus DiarDaoin air thoiseach air a' chuairt dheireannach air oidhiche Shathuirne. Tha Alasdair Condie an làthair aig St Jacobshalle agus e dol a thoirt dhuinn na naidheachdan as ùire bhon fharpais.
Tha Steven Kellow na Mhanaidsear Maoineachaidh is Pròiseactan aig Bòrd na Gàidhlig. Tha e ag innse mu na seiseanan a thathar a’ ruith airson Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig a tha a' tòiseachdainn an-diugh fhèin.