Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Sùil air na colbhan beachd le Iain Stephen Moireasdan agus Iain Caimbeul. Iain Stephen Morrison and Iain Campbell review the weekend's opinion columns.

Gach Diluain bidh dithis ann an cuideachd Cathy, a' toirt dhuinn taghadh bho cholbhan beachd an deireadh-sheachdain. An-diugh, 's iad Iain Stephen Moireasdan agus Iain Caimbeul aig a bheil taghadh na seachdain-sa.

Bi an stiùiriche film, Douglas Eadie ga chuimhneachadh aig cuirm ann an Dùn Èideann, Didòmhnaich seo tighinn. Chuir Eadie mòran ri saoghal film agus telebhisean na h-Alba ann am Beurla agus ann an Gàidhlig. Tha Dolina NicIllinnein, a bha eòlach air 's ag obair na chois, ag innse do Chathy mu dheidhinn agus mun chuirm.

Tha 80 bliadhna ga chomharrachadh air an t-seachdain seo, bho dheireadh an dara cogaidh. Cluinnidh sinn cuibhreann de phrògram a thèid a-mach air BBC Radio nan Gàidheal, an-diugh fhèin - Strì gu Sìth, à tasglann a BhBC, anns a bheil Gàidheil fhèin ag innse mu far an robh iad air Là V.E agus mar a dh' fhairich iad.

3 days left to listen

57 minutes

Last on

Mon 5 May 2025 22:25

Broadcasts

  • Mon 5 May 2025 09:00
  • Mon 5 May 2025 22:25