Dè na geamannan Gàidhealach a chluicheas sinn an-diugh? Tha mòran dhiubh air bàs fhaighinn, tha eagal orm. Ach saoil a bheil dòigh ann feadhainn a thoirt beò às ùr? Feumaidh mi mìneachadh an toiseach, dè tha mi a’ ciallachadh le ‘geamannan Gàidhealach’. Mar as trice, bidh daoine a’ smaoineachadh mu ‘Highland Games’ – farpaisean anns am bi daoine làidir a’ cur a’ chabair no a’ caitheamh na cloiche.
Ach chan e sin na geamannan air a bheil mi a’ beachdachadh. Tha m’ aire air geamannan beaga a bhiodh na Gàidheil a’ cluich aig an taigh, air a bheil ainmean Gàidhlig.
Bha mi a’ leughadh alt anns an iris The Celtic Review air a bheil ‘Uist Games’. Chaidh a sgrìobhadh le fear Alasdair Moireasdan. Chaidh fhoillseachadh ann an naoi ceud deug ’s a h-ochd (1908). Tha e a’ dèanamh tuairisgeul de dh’fhichead geama. Tha mi airson innse dhuibh mu chuid dhiubh.
An toiseach, geama a bha gu leòr ann an Uibhist fhathast a’ cluich aig deireadh an naoidheamh linn deug. B’ e sin Speilean. Seo mar a thathar a’ cluich a’ gheama sin.
Tha dà sgioba ann, fear a tha ri batadh, agus fear a tha ri glacadh. Thathar a’ dèanamh toll anns an talamh anns am bithear a’ cur aon cheann speile, pìos beag fiodha. Tha am ball air a chur air a’ cheann sin dhen speil os cionn an tuill. Bidh am batair a’ bualadh ceann eile an speile le bata, a’ cur a’ bhuill suas. Fhad ’s a tha am ball shuas, tha an neach sin ga bhualadh le uile neart.
Tha e a’ feuchainn ris am ball iomain cho fada ’s as urrainn. Ma ghlacas duine sam bith e mus ruig e an talamh, bidh am batair a-mach. Ach ma bhuaileas am ball an talamh, bidh a’ chiad duine dhen sgioba-glacaidh a gheibh greim air, ga thilgeil a dh’ionnsaigh a’ bhatair. Chanadh iad gun robh an duine sin ‘a’ toirt faireag’.
Bidh am batair a’ bualadh a’ bhuill a-rithist. Ma ghlacas duine e, tha am batair a-mach. Mura glac, bidh a’ chiad neach a gheibh grèim air a’ bhall ga thilgeil a dh’ionnsaigh an tuill. ’S e piceadh a chanadh daoine ri sin. Ma thèid am ball a-steach don toll, tha am batair a-mach. Mura tèid, bidh daoine a’ tomhas dè cho fada ’s a tha am ball bhon toll nuair a stadas e.
Ma tha an t-astar nas lugha na fad a’ bhata, tha am batair a-mach. Ma tha e nas motha na fad a’ bhata, bidh am batair a’ cumail a dol agus gheibh an sgioba aige puing. Tha an geama a’ leantainn gus an ruig aon sgioba ceud puing no gus am bi iad uile a-mach. An uair sin bidh an sgioba eile a’ batadh.
Tha Alasdair Moireasdan a’ dèanamh tuairisgeul de gheama eile dhen aon seòrsa a bha rudeigin coltach ri rounders. ’S e Cluich an Taighe an t-ainm a bh’ air. Agus tha e ag innse dhuinn gun robh treas geama ann a bha coltach ri Cluich an Taighe, ach gur e Goid a’ Chrùin a bha air mar ainm.
’S ann ainneamh a chì sinn geamannan dhen t-seòrsa air an cluich ann an Alba san latha a th’ ann – ann an coimhearsnachd no cànan sam bith. Is mòr am beud.