Tha naoi fichead bliadhna air a dhol seachad on a dh’fhosgail Taigh-eiridinn a’ Chinn a Tuath – The Royal Northern Infirmary – ann an Inbhir Nis. Tha an togalach, air bruach Abhainn Nis car faisg air Taigh-cluiche Eden Court.
Eadhon ged nach eil an togalach air a bhith na ospadal airson còrr math is fichead bliadhna, tha drochaid do luchd-coiseachd faisg air làimh a tha ainmichte mar ‘Drochaid an Taigh-eiridinn’ no ‘Drochaid na h-Infirmairidh’.
Aig deireadh an ochdamh linn deug, bha uaislean is bàillidhean Inbhir Nis dhen bheachd gun robh am baile airidh air ospadal mòr. Bha am Pròbhaist, Uilleam Inglis, gu mòr air a chùlaibh. Chuir e fhèin is feadhainn eile fios a-mach, ag iarraidh air daoine beartach airgead a thoirt seachad. Tuigidh sibh nach robh an sporan poblach ro mhòr aig an àm sin. Cha robh siostam slàinte poblach ann.
Ach cò às a thàinig an t-airgead? Uill, seo an rud. Mar a bha cumanta gu leòr aig an àm sin, air Ghàidhealtachd agus air Ghalltachd, thàinig cuid mhath dhen airgead o Albannaich anns na h-Innseachan an Iar. Is cinnteach gun robh feadhainn dhiubh a’ dèanamh phrothaidean à tràilleachd. Tha eachdraidh fhillte againn agus chan eil i uile-gu-lèir glan. Thàinig cnap math airgid cuideachd o dhaoine a bha ag obair às leth Arm Bhreatainn thall ann am Bengal agus Canada.
Bhathar an dòchas crìoch a chur air an taigh-eiridinn ann an ochd ceud deug ’s a h-aon (1801). Ach thàinig dàil air a’ chùis. Bhathar a’ coireachadh àrdachadh ann am prìsean tuarastail agus bun-stuth togail. Chan eil càil às ùr fon ghrèin!
Cha b’ e sin a-mhàin ach chaochail am Pròbhaist. Chuir sin dàil eile air a’ chùis. Dh’fhosgail an taigh-eiridinn anns a’ Chèitean ochd ceud deug ’s a ceithir (1804). Thuirt na h-ùghdarrasan gum biodh àiteachan ann airson seasgad euslainteach agus suas ri fichead duine a bha a’ fulang le tinneas-inntinn.
Ma thèid sibh air beulaibh doras mòr an togalaich, chì sibh pleit gu h-àrd le sgrìobhadh snaighte oirre. Ach tha dà mhearachd oirre. Tha i ag ràdh gun deach an togalach fhosgladh ann an ochd ceud deug ’s a trì (1803) agus gun robh Uilleam Inglis na phròbhaist aig an àm. Ach chaochail Mgr Inglis bochd ann an ochd ceud deug ’s a h-aon (1801).
B’ i a’ chiad euslainteach Ealasaid Rothach à Siorrachd Rois. Bha a glùin air a dhol a dh’at. Fhad ’s a bha i san ospadal, thàinig cuideigin a-steach a bha a’ fulang leis an fhiabhras-bhallach no typhus. Bha dìreach aon tè-eiridinn ag obair san ospadal – a bharrachd air an tè-bhrèideach – agus ghabh ise an galar. Nuair a bha Ealasaid Rothach na b’ fheàrr, cha deach i dhachaigh. Dh’fhuirich i san ospadal agus dh’obraich i fhèin mar tè-eiridinn gus an robh cothrom ann tè ùr fhastadh.
Bha Taigh-eiridinn a’ Chinn a Tuath a’ dèiligeadh ri euslaintich à baile Inbhir Nis agus sgìre mhòr mhòr mun chuairt. Tuigidh sibh gun robh ceist ann mun Ghàidhlig. Bha poileasaidh cànain làidir aig an ospadal agus innsidh mi dhuibh dè bh’ ann anns an ath Litir.